The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

ANGUS MACDONALD

GAELIC COLUMN

-

Dìreach ’nuair a bha mi smaoineach­adh gur tòcha gun tigeadh piseach air an aimsir, siud ’s ann a dh’fhàs i na bu mhiosa builleach. Tha uisge agus gèiltean air a bhith againn an t-seachduinn-sa a dh’fhònadh dhan a’ gheamhradh. Tha coltach gun ghlac sinn earbal stoirm a’ choir eigin a bh’aca thall ann an Ameriga. Thug e na mo chuimhne aon uair eile ’nuair a bha àrd-oifigear na maor-chladaich a’ toirt fianuis do bhoill Pàrlamaid as deidh dhan a’ chlàr-ola, “Transocean Winner”, a thighinn air tìr air Taobh Siar Leòdhais. Chan e rud abhaisteac­h a th’ann, thuirt e, gèiltean a bhith aca a’s na h-Eileanan aig an àm-sa dhan a’ bhliadhna. Cha mhòr nach deach mo thè tarsuing agam. Chaneil càil annasach mu dheidhinn, agus ’s iomadh turus a bha’n corc, agus a feur ri talamh as deidh gèile, agus uisge, mun àm-sa dhan a’ bhliadhna.

Ach chaneil cuimhn’ agam droch thìde mar seo seasamh cho fada, an ìre mhath a samhradh gu leir. Tha e duilich dha rìreabh dha na croitearan a tha feuchainn ri feur a’ gheamhraid­h fhaighinn air a ghearradh agus a thiormacha­idh. Tha e duilich gu leòr dhuinn fhìn, a’ ruith eadar na muill airson feuchainn ri beagan dhan an toradh fhaighinn air a thogail as an iodhlainn. Tha mi cumail sùil air a’ bhuntàta gu h-àraid, mas tig an gaiseadh ann. Tha i air a bhith fliuch gu leòr, ach tha mi’n dòchas gu bheil i air a bhith cho fuar agus nach fhaigh e greim. An deidh sin bha fear shìos a-meadhon na sgìre, ag radha gu robh e air a thighinn dhan a’ bhuntàta aige fhèin.

A dh’aindeoin na droch thìde, tha na dearcan sùbhag ag abachadh. Feumaidh sinn a bhith aca trìc, a chionns gu bheil an uisge dhan dèanamh nas buailtiche cloimh-liath a thighinn orra, agus iad dìreach a’ lobhadh air na planndrais­ean mun a teid an togail. Gun a seo, tha sinn air fichead punnd fhaighinn dhiabh, agus tha Alison air silidh a dhèanamh dhan an fheadhainn nach deach dhan a’ chiste-reòite. Tha sinn air grunn phlanndrai­sean ùr a thoirt air adhart bho phìosan a bha sgaoileadh a-mach bho na planndrais­ean a chuir sin bho thùs. Tha nighean againn deigheil air a’ feuchainn ’nuair a gheibh i fhèin air iodhlainn lusan is measan a chuir air dòigh. Gun a seo co dhiùbh, tha e coltach gur e planndrais­ean a tha’s na sùbhagan a sheasas ris an aimsir a th’againn a seo.

Tha na dearcan gorm a’ tòiseachad­h ag abachadh cuideachd, agus tha sinn air faisg air punnd fhaighinn dhiubh sin gun a seo. Chaneil uighir acasan gu bhith ann ’s a bh’ann an uiridh, ach bha’n uiridh blàth, grianach agus math airson a h-uile càil a bha fàs. Ach tha mi coimhead meanganan do dh’ùr-fhàs air cuid mhath dha na planndrais­ean, agus ’s ann air a sin a bhios na dearcan a’ fàs as deidh seo. Tha sia planndrais­ean beag ùr agam, a cheannaich mi nas saora nan abhaist am bliadhna. Ach tha mi smaoineach­adh gu feuch mi ri’n toirt air adhart a-stigh, agus an dìon bho’n a’ gheamhradh mas cuir mi iad a’s na làraich a th’air fhàgail a’s a’ chlàr a-muigh.

Dh’fhaodadh gu bheil samhradh bochd air a bhith ann, ach tha aobhar dhochais ann. Tha mi a’ gairm seo a ris gu m’aire; uime sin tha dòchas agam. Is ann do thròcairib­h an Tighearna nach eil sinn air ar caitheadh, a chionn nach eil fàilinn air a’ thròcairib­h.

Tha iad nuadh gach aon mhaduinn, is mòr do dhilseachd. Is e an Tighearna mo chuibhrion­n, tha m’anam ag ràdh; uime sin cuiridh mi mo dhòchas ann.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom