The Press and Journal (Aberdeen and Aberdeenshire)

GAELIC COLUMN ANGUS MACDONALD

-

Abair gu bheil làithean math air a bhith againn – blàth, grianach agus mu dheireadh thall, bhàsaich a’ ghaoth sìos, agus leis cho socair ’s a bha i, bha cuid dha na làithean teth. Tha sinn a-nise air ais gun an abhaist, uisge aig amanan, agus a’ ghaoth fuar a-rithist. Ach a’s an tìde mhath, fhuair mi air an càl a chuir, agus ged a thill an uisge, thàinig e aig an àm cheart airson uisgeachad­h na planndrais­ean maoth a bha mi air a chuir, agus tha’d air an cinn a thogail. Tha mi’n dòchas a-nise nach tig reòthadh a ni call orra.

Fhuair sinn air a’ bhuntàta a chuir gu leir cuideachd. Chuir sinn am buntàta luathairea­ch bho chionn trì seachduinn­ean, ach cha do chuir sinn uighir am bliadhna dhan a’ bhuntàta fadalach ’s a chuir sinn an uiridh, agus mar sin rinn sinn a chùis air ann an ùine ghoirid. Chuir sinn beagan todhair air an talamh agus guana airson beagan do spionnadh a thoirt dha, ach chì sinn de’n adhartas a nì e mas bith cunnart ann gu nochd an gaiseadh a’s an Fhuthar, deireadh an Iuchair agus toiseach a Lunasdail.

A’s a’ chrub, tha na tomatoes gu leir air an cuir, agus tha feadhainn aca a’ sìneadh suas an cinn, agus iad a’ feuchainn air a’ mhullach. Chuir mi seachad a là eile, a’ ceangal sreanganan bho na bucais a’s a bheil na planndrais­ean, ri cliathaich­ean agus mullach a’ chrub, gus a faigh na planndrais­ean air streap suas mar a bhios iad a’ fàs. Tha mi air tòiseachad­h mur tha a’ gearradh air falbh meanganan-tarsuing beaga a tha fàs eadar cas a’ phlanndrai­s agus na duilleagan abhaisteac­h. Mu dh’fhàgas tu na meanganan-tarsuing a tha seo, bheir iad a’ bheatha a’s a’ phlanndrai­s fhèin, agus cha tig uighir do shìtheanan, agus mar sin tomatoes, air ’s a mhiannaich­eadh tu.

Tha grunn phlanndrai­sean chilli a th’air ìre ruighinn far a feumar an toirt as na poitean-fàs agus an cuir dha na bucais-mhòr, agus tha aubergines aig an aon ìre cuideachd. Tha na measan air a’ chraobh peur mu mheud do lùdaig, agus tha e furusda a dhèanamh a-mach gur e peur a bhios annta, mu leanas iad orra a’ fàs. Tha gu leòr nach deach an torachadh ceart air tuiteam dhìth agus tha mi air an cruinneach­adh grunn thuruis airson an tilgeadh air falbh.

Agus tha’n dùsgadh a tha tachart a-muigh agus a-stigh a’ toirt a-steach orm na dùsgaidhea­n eile mu’m biodh sinn a’ cluinntinn ag èiridh suas. Agus a-nise tha leabhran beag air nochdadh, ‘Love Awakening’, a tha tha toirt cunntas air dà dhùsgadh spioradail a bh’ann a Sgìre a Rudha, a fear bho dheireadh dha na sin deireadh na 1950s. Tha na h-Eileanan, Leòdhas gu h-àraid, ainmeil airson dùsgadh a thachair eadar 1949 agus 1951, bho shearmonac­hadh ministear a thàinig bho tìr-mòr, an t-Urr Donnchadh Caimbeul. Ach thachair na dùsgaidhea­n a bha’s a Rudha bho shearmonac­hadh ministeara­n na sgìre fhèin, an t-Urr Uilleam Caimbeul, agus an t-Urr Harry MacFhiongh­uin.

Tha iomadach sgeulachd co-cheangailt­e ri na dùsgaidhea­n, mar a bha daoine air an gluasad bho bhuaidh Spiorad Dhè. Agus ’s e aon dha na nithean is inntinnich­e, gu bheil cuid dhan an fheadhainn a tha’g innse na sgeol, na’r measg fhathast. Do dhuine sam bith a tha amharasach, chaneil aca ach bruidhinn riutha sin, agus tuigidh iad nach e feadhainn a th’annta a tha dualtach sgeulachda­n gun bhrìgh innse. ’S e tha seo ach rud a thachair, rud a chunnaic agus a dh’fhairich iad, agus rud a thug buaidh bhunaiteac­h air am beatha. Tha e dha fàgail fhèin, agus sinn fhìn, a’ miannachad­h gràdh Dhè fhaicinn mar sin a-rithist.

 ?? ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom